Home | Classroom | Archive 1 | Archive 2 | Words | Phrases | Countries | Languages      


Return to the SCOTS-GAELIC ArchiveForward to the Current SCOTS-GAELIC Forum

Phrasebase Archive


nikostrateWednesday 06th of December 2006 05:15:01 PM
a bheil gàidhlig agaibh? :) - Hi everyone, I\'m from a Gaelic-speaking family, and I would be very happy to help learners :)

A bheil sibh airson Gàidhlig ionnsachadh? Siuthadaibh, bidh mi deiseil is deònach ur cuideachadh :)

nikostrateSunday 10th of December 2006 04:08:19 AM
- Hi a-rithist... Cha bhi mi a\' freagairt ceistean neònach (liostaichean fhaclan a.m.s.a.a.) tro PN. Cuiribh ur freagairtean an-seo, mas e ur toil e, gus am bi cothrom aig a h-uile duine ionnsachadh + deasbad ri chèile.

Hi again... I won\'t answer strange questions (wordlists etc.) by PN. Please put your questions here, so that everyone gets a chance to learn and discuss together.

Tapadh leibh! :) Thanks!
Mona
Eldar_BladeThursday 01st of February 2007 11:25:45 AM
Starting Out - Hi my name is blake. I am from Australia and i have only just started to learn Gaelic. I need help cause i only have a half a year to learn in cause its for my communitie studies work. I choose to learn another language and then share a little with the community.
Please if you can help in any way do so......
nikostrateSaturday 03rd of February 2007 09:12:21 PM
- Fàilte ort an-seo! :) Welcome here.

Dè na leabhraichean a tha agad mar-tha? What books do you have?

GaeltachtSunday 04th of February 2007 12:35:31 AM
- Dé an aios a tha thu? ;)

Is mise Benjamin agus tha mi coig bliadhna dh\'eug dh\'aios.

Tha mi fuireach an ann Sasainn.
nikostrateSunday 04th of February 2007 02:46:12 AM
- Beagan ceartachaidh:

Dè an aois...

còig bliadhna deug a dh\' aois

tha mi a\' fuireach
An_FheannagFriday 23rd of March 2007 09:03:39 PM
- Halò a Chàirdean, ciamar a tha sibh uile? Is mise Pòl agus \'s ann às a\' Ghalltachd a tha mi. Tha ùidh mhòr agam \'sa Ghàidhlig agus tha mi air a bhith ga h-ionnsachadh airson tri no cethir bliadhna. Ach chan eil mi fileanta. Co-dhiù, sin e bhuam-sa. Tiors an-dràsd\'.
nikostrateMonday 26th of March 2007 04:02:06 PM
- Fàilte chridheil ort an-seo! :) Tha Gàidhlig glè mhath agad. Càite agus ciamar a tha thu ga h-ionnsachadh?
An_FheannagMonday 26th of March 2007 07:40:01 PM
- Ceud taing airson fàilt\' a chur orm a charaid. Uill, chan eil mi a\' dol gu clas-oidhche no a leithid gu mi-fhortanach a fhreagairt a\' chiad chèist agad. Tha mi direach ag ionnsachadh na Gàidhlig le leabhraichean, teipichean, Tbh, rèidio agus rudan eile mar sin, leis an fhirinn innse. Ach co-dhiù, tha i a\' còrdadh rium glan. Dè mu do dheidhinn-sa? Mhothaich mi gu bheil thu a\' fuireach \'sa Ghearmailt an-dràsda. An ann às a\' Ghàidhealtachd a tha thu bho thùs? Saoil an do dh\' ionnsaich thu i aig a\' ghlùin?
nikostrateTuesday 27th of March 2007 02:53:41 AM
- Seadh, \'s e leth-Ghearmailteach, leth-Albannach a th\' annam, bha Gàidhlig aig m\' athair agus aig mo sheanmhair ceart gu leòr.
Tha do chuid Ghàidhlig fìor mhath. An robh a-riamh cothrom agad ga bruidhinn, ann an còmhradh ri daoine eile? A bheil fhios agad gu bheil àiteachan eile air an eadar-lìon far am bi luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a chruinneachadh, mar eisimpleir http://31.freebb.com/gaidhlig/gaidhlig.html agus http://www.tirnamblog.com ? Agus bidh mòran daoine a\' cleachdadh Skype (http://www.skype.com \'s e \"messenger program\" a th\' ann) airson an cuid Ghàidhlig a leasachadh.

Cha bhi mise an-seo cho tric, chan eil mòran a\' dol an-seo gu mi-fhortanach.
An_FheannagTuesday 27th of March 2007 04:32:49 PM
- Uill, tha aon fhear ann agus tha e air a bhith na chuideachadh mòr dhomhsa, eadhon ged nach do bhruidhinn mi ris a-riamh! Is esan an craoladair is sgriobhadair Ruairidh MacIlleathain agus tha mi a-mach air na litrichean aige. Bidh mi a\' leughadh is ag èisteachd ri litir do luchd-ionnsachaidh gach seachdain gun fhàillinn. Ach, bidh mi a\' bruidhinn ri feadhainn eile sa\' Ghàidhlig bho àm gu àm gè-ta. Tha mi eòlach air na làraichean sin cuideachd agus tha agam ri ràdh gu bheil iad glè mhath. Gu h-àraidh - Fòrum na Gàidhlig. Ach chan eil mi a\' dol ann cho tric \'s bu chòir dhomh gu mi-fhortanach.


Search Phrasebase